Feasgar

Episodes

TitleFirst
Broadcast
Comments
20171003

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Chuala sinn an t-seachdain sa chaidh gun robh taigh-òsta air Ghàidhealtachd air iarraidh air a' chompanaidh Michelin an toirt far na liostaichean aca. Tha rionnag
Michelin aig an taigh-òsta, ach tha manaidsear an t-àite air a ràdh gu bheil daoine ag iarraidh biadh nas neo-fhoirmeil agus gu bheil e ro dhaor feuchainn ri biadh aig an ìre sin a thoirt do dhaoine. An e seo là nan rionnagan seachad, a bheil na chanas daoine air-loidhne mu do dheidihnn nas cudromaiche na sgrùdadh bho
chompanaidhean mar Michelin agus an AA? Cluinnidh sinn beachdan dhaoine le eòlas farsaing air a' ghnìomhachais.

Tha Sandra Mhoireach air tilleadh à Paris far am faca i cuid dha na bha a' dol aig seachdain fasan a' bhaile. Cluinnear a beachd air na chunnaic i.

Agus an lùib sgeulachdan teicneòlais na seachdain sa - a bheil e nas fhasa a bhith ag obair ann am bùth cofaidh no 'Coffice' mar a theirte a-nise, seach ann an oifis mhòr fhosgailte? Tha an t-eòlaiche teicneòlais Dòmhnall Dòmhnallach còmhla rinn.

bbc.co.uk/Feasgar.

20171004

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Tha Alasdair MacCaluim ag innse mun a' chiad chuirm aig an robh e fhèin. Chaidh e a dh'fhaicinn Transvision Vamp ann an Glaschu ann an 1989. Cha do thuig e gum biodh e cho teth agus fallasach agus gum biodh daoine a' leum mun cuairt mar a bha iad. Chuir a' chiad chonsairt aige beagan de dh'eagail air.

Bha Seona NicLintock anns na taighean deilbh agus gheibh sinn a beachd air dà fhilm gu math eadar-dhealaichte, Flatliners agus Goodbye Christopher Robin.

Tha beagan a bharrachd air seachdain bho chaidh innse gum biodh cead air a thoirt do bhoireannaich draibheadh leotha fhèin ann an Saudi Arabia. Tha Murchadh MacLeòid a' fuireach agus ag obair ann an Saudi Arabia, agus bidh e còmhla rinn son beachdachadh air na dh'fhaodadh seo ciallachadh do bhoireannaich san dùthaich.

20171005

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh Cathy NicDhòmhnaill.

Thèid meatoraid a thaisbeanadh aig Ionad Saidheans Ghlaschu bho màireach. Chaidh a lòrg ann am fàsach Astràilia ann an 1937. Tha Aonghas Dòmhnallach a' mìneachadh dè a tha ann am meatoraid, cò às a tha iad a' tighinn agus dè cho tric 's a tha iad a' bualadh air talamh.

Tha mòran gach là a' cleachdadh fàileadhean cùbhraidh, ach a bheil sinn air fàs sgìth dha na h-aon ainmean air na botail. A bheil maragaidh ann son cùbhraicheachd a tha nas pearsanta do dhaoine?

Tha companaidh ùr air tòiseachadh ann an Dùn Èideann a bheireas deoch làidir gu do starsaich - as bith dè a tha thu ag iarraidh, agus ma tha thu ga iarraidh fuar nì iad cinnteach gur ann mar sin a gheibh thu e cuideachd. A bheil cus roghainn is cus air a dhèanamh dhuinn na ar beatha a-nis? A bheil e gar dèanamh leisg? No a bheil còir againn gabhail ris gur e seo a tha romhainn agus gu bheil sinn a' cumail daoine ann an obair le bhith gabhail ri na cothroman ùra?

feasgar@bbc.co.uk.

20171006

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Tha ceistean gan togail mu Theresa May agus a comasan mar Phrìomhaire, le gu leòr dhaoine ga càineadh às dèidh a h-òraid aig co-labhairt a' phàrtaidh Diciadain. Is iomadh manaidsear ball-coise nach robh fada idir nan dreuchd a dh'aindeoin is nach do chaill an sgioba ach gèam no dhà. Ach tha feadhainn eile mar Micheal O Leary, Ceannard Ryanair, na dhreuchd fhathast is gun duine ga cheasnachadh fiù 's leis mar a dhèilig a' chompanaidh le suidheachadh làithean-saora nam pìleatan. Cuin a tha còir aig daoine an dreuchdan fhàgail?

Òrain bho The Corrs, Sparks agus James Blunt.

bbc.co.uk/feasgar.

20171010

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Chan eil ach seachdain gus an tòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns a' Ghearastan. Agus ma tha leanabh agad a' gabhail pàirt anns na farpaisean aig an deireadh sheachdain neo toiseach na seachdain, 's e àm gu math trang a tha seo do phàrantan. A' dèanamh cìnnteach gu bheil fhios aca air a h-uile dad - gu bheil iad air clup a' Mhòid fhaighinn agus gu bheil an cuid aodaich glan agus air iarnaigeadh. Cluinnidh sinn mar a tha cuid a' faireachdainn.

Chaidh an Duais Nobel mu dheireadh ainmeachadh an-dè, sin duais an eaconomaidh. Fad na seachdain sa chaidh, bha sinn a' cluinntinn mu na duaisean eile a bha gan toirt seachad. Tha DS Moireach còmhla rinn son eachdraidh nan duaisean a mhìneachadh agus beachdachadh air na duaisean as cliùitiche san t-saoghail, a-rèir chuid.

Is i a' bhonaid bhiorach a nì an gille smiorail. Ach 's iad na boireannaich fasanta a bha a' cosg nam berets aig cuirmean fasan Dior ann am Paris an t-seachdain sa chaidh. Tha na berets air nochdadh uair is uair ann an eachdraidh - mar shuaicheantas san Fhraing agus air Che Guevara agus air na Black Panthers. Carson a tha sinn san là a tha ann a' cleachdadh ad neo bonaid, an ann dìreach airson ar cluasan a chumail blàth?!

20171011

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Cò ris a tha e coltach a bhith nad bhritheamh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Dè an seòrsa ullachadh a tha na lùib, dè tha ri dhèanamh air an latha fhèin.
Cluinnidh sinn bho thriùir a tha gu bhith air leth trang anns na lathaichean a tha romhainn.

Tha na Rolling stones air a bhith a' cluich còmhla bho 1962, agus tha iad air turas anns an Roinn Eorpa an dràsta fhèin. Chaidh Fiona NicCoinnich gan èisteachd ann an Amsterdam agus cluinnidh mar a chòrd a' chuirm rithe?

Bha Seona NicLintock anns na taighean deilbh agus cluinnidh sinn dè a shaoil i mu dheidhinn Blade Runner 2049 agus The Mountain Between Us.
bbc.co.uk/feasgar.

20171012

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh Cathy NicDhòmhnaill.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a' fosgladh anns A' Ghearastan a-màireach. Tha Cathy a' còmhradh ri dithis a tha air a bhith a' frithealadh na mòdan grunn bhliadhnaichean.

Chaochail an dealbhaiche aodaich Hervé Léger, bha e ainmeil airson an dreasa bann (bandage). Tha Sandra Mhoireach ag innse mun a' bhuaidh a thug e air
fasan na linne le chuid stoidhlichean.

Agus anns an t-shreath "A Chiad Chuirm-ciùil, tha Michelle NicDhòmhnaill a' cuimhneachadh air ais. bbc.co.uk/feasgar.

20171013

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

20171024

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Tha Martainn Mac an t-Saoir ag innse mu thachartas a tha ga chuir air dòigh ann an Dùn Èideann mar urram agus cuimhneachan air Calum Camshron nach maireann, a bha a' fuireach anns a' bhaile fad bhliadhnaichean,

Chuala sinn bho chionn ghoirid gun robh Lady Gaga a' fulang le Fiobromyalgia. Dh'innse Carina NicLeòid mar a bha i fhèin a' fulang leis an aon bhochdainn agus mar a bha a' seachnadh biadh le FODMAPS ga cuideachadh. Tha an t-eòlaiche-bìdhe Lillian Dhòmhnallach còmhla rinn airson FODMAPS a mhìneachadh.

Tha Seona NicLintock air a bhith anns na taighean deilbh a' coimhead Geostorm agus Happy Death Day agus cluinnidh sinn a beachdan orra.

Òrain bho First Aid Kit, Stereophonics agus Charlie Puth. bbc.co.uk/feasgar.

20171025

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Tha meas aig sean agus òg air an t-seinneadair dùthchail ainmeil Dolly Parton. Bho chionn ghoirid chur i air bhog clàr de dh'òrain sònraichte airson clann agus tha i cuideachd air leabhar chloinne a sgrìobhadh. Bidh i ri fhaicinn a-nochd air sianail telebhisean Cbeebies a' leughadh sgeulachd chloinne. Tha Cathy a' faighneachd carson a tha daoine cho dèidheil air Dolly Parton?

'S e Niall Iain Dòmhnallach a tha ag innse dhuinn mun a' chiad chuirm aig an robh e riamh.

Agus cluinnidh sinn dè tha Radio nan Gàidheal a' dèanamh am bliadhna airson airgead a thogail don charthannas Clann ann an Èis. bbc.co.uk/feasgar.

20171026

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh Cathy NicDhòmhnaill.

Tha Anna Frater ag innse mun leabhar ùr aice Cridhe Creige, an dàrna cruinneachadh dhen bhàrdachd aice fhèin, dà bhliadhna thar fhichead as dèidh dhith a' chiad chruinneachadh fhoillseachadh.

Tha Nigella Lawson air innse gum bi i ag ithe a dìnnear air an t-sòfa air beulaibh an telebhisean. Tha Mary Berry air a ràdh nach eil feum sam bith air seòmar-bìdh. A bheil sinn air modh a dhìochuimhneachadh agus a bheil cleachdaidhean teaghlaich a bhith a' cruinneachadh mun bhòrd aig àm bìdh a-mach an uinneag?

Tha Seonag Nic a' Ghobhainn a' toirt dhuinn beachdan air mìlsein a dh'fhaodas sinn a dhèanamh do dhaoine mar phrèasantan. bbc.co.uk/feasgar.

20171027
20171101

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

An-diugh tha Ruairidh Greumach bhon chòmhlan Niteworks ag innse mun a' chiad chuirm-ciùil aig an robh e riamh.

Ann an sreath ùr air Feasgar tha Calum Dòmhnallach a' toirt sùil air eachdraidh cuid de na taighean-cluich as ainmeil ann an Alba. A' tòiseachadh an t-seachdain sa le fiosrachadh mu thaigh-cluich Citizens ann an Glaschu.

Agus tha Daibhidh Byrne an seo leis na naidheachdan siubhail is ùire. bbc.co.uk/feasgar.

20171102

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh Cathy NicDhòmhnaill.

Tha Seonag Nic a' Ghobhainn air ais airson innse mu thuilleadh mìlsein a dh'fhaodas sinn a dhèanamh do dhaoine mar phrèasantan.

An t-seachdain sa, le mearachd, dh' fhoillsich Prue Leith air Twitter ainm an neach a bhuannaich an fharpais telebhisean The Great British Bake Off mus deach am prògram fhèin a chraoladh. A bheil e am milleadh prògram telebhisean nuair a bhios fios againn dè tha gu bhith a' tachairt ro-làimh?

Agus tha Seona NicLintock air a bhith anns na taighean-deilbh a' coimhead air na filmichean Breathe agus Call Me By Your Name. bbc.co.uk/feasgar.

20171103

Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh.

Feasgar Air Diluain20171016

Tha Calum MacAmhlaigh anns a' chathair aig Cathy an-diugh.

Feasgar Air Diluain20171023

Mar is àbhaist air Diluain sùil air sgeulachdan naidheachd na maidne. bbc.co.uk/feasgar.

Feasgar Diluain20171002

Gach Diluain, deasbad mu naidheachdan na maidne. bbc.co.uk/feasgar.

Feasgar Diluain20171009

Naidheachdan na maidne air Feasgar còmhla ri Cathy.

Feasgar Diluain20171030

Gach Diluain deasbad mu naidheachdan na maidne. bbc.co.uk/feasgar.

Feasgar Dimirt20171031

Oidhche Shamhna a-nochd agus prògram sònraichte mu dheidhinn eagal. bbc.co.uk/feasgar.

Oidhche Shamhna a-nochd agus prògram sònraichte mu eagal. Bheir sinn sùil air eagal ann an litreachas còmhla ris an sgrìobhadair Catrìona Lexy Chaimbeul. Cuideachd carson a tha e a' còrdadh ri cuid an t-eagal a bhith orra agus a' cur goireasachadh air cuid eile? Agus cluinnidh sinn sgeulachdan à beul-aithris a chuireas gaoir tron fheòil aig feadhainn agaibh. bbc.co.uk/feasgar.