Episodes

First
Broadcast
Comments
20171006

Marc Wringe a' còmhradh mun leabhar Ashland and Vine le John Burnside.

Ann am prògram na mìos sa 's ann air leabhar ùr John Burnside, Ashland and Vine, a bhios Marc Wringe a' meòrachadh còmhla ri Ruairidh MacDhòmhnaill agus Màiri Kidd.

Cuideachd anns a' phrògram, cluinnidh sinn bho chuirm Duais Dhòmhnaill Meek. Cò a gheibh a' phrìomh dhuais airson 2017 agus cò a bhios am measg nan duaisean eile? A bharrachd air an sin, blasad de na bha a' tachairt aig Fèis Litreachais Acair ann an Glaschu.

20171103

Mark Wringe and guests discuss books.

Ann am prògram na mìos sa 's ann air leabhar ùr Chaluim L. MhicLeòid, A' Togail an t-Srùbain, a bhios Marc Wringe a' meòrachadh còmhla ri Kathleen Reddy agus Gillebrìde MacIlleMhaoil.

Cuideachd anns a' phrògram, Iochd! Mo chreubhag! Dìogan mise, tha Oor Wullie a-nis againn sa Ghàidhlig agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart còmhla rinn airson innse dhuinn mu dheidhinn. A bharrachd air a sin cluinnidh sinn bho Iain Eachann Ros, ùghdar leabhar ùr mu uisge-beatha.