Seachdain Sa Chogadh - Seachdain Sa Chogadh

Episodes

EpisodeFirst
Broadcast
Comments
16720171005

Blàr Broodseinde dha chuir 's gnothaichean bìdh aig an taigh sna naidheachdan.

Nochd artaigail beag inntinneach ann am pàipear an Òbain Disathairne 29mh den t-Sultain 1917 ag innse mu na bhathas a' cruinneachadh de dh'uighean airson an cur air adhart chu na saighdearan a bh' air an leò, agus, san aon iris dhen phàipear-naidheachd, bha rabhadh bho Choimiseanair Bìdh Taobh Siar na h-Alba, Gideon Murray, a bha draghail gum faodadh lùghadachadh ann am prìs an àrain soithichean Breatannach a chur ann an tuilleadh cunnart bho bhàtaichean-aigeil na Gearmailt. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dèiligeadh ris.

B' e Batal Broodseinde, am batal a bu shoirbheachaile san Treas Blàr aig Ypres, agus le taic bho Arm Astràlia 's New Zealand chaidh aig na Breatannaich air smachd a ghabhail air Druim Broodseinde air a' chiad latha. Ach a-rithist cha b' ann gun chall a bha e le faisg air 6,500 Astràlianaich, mu 900 à New Zealand agus 300 Breatannach air an leòn no air am marbhadh. Bha na h-àireamhan aig na Gearmailtich cho àrd ri 10,000 agus chaill iad 5,000 prìosanach cuideachd. Chan eil e na iongnadh mar sin gun deach an 4mh den Dàmhair 1917 a chlàradh mar 'Latha Dubh' ann an eachdraidh cogaidh oifigeil na Gearmailt.

16820171012

SS Main dha cuir fodha agus Ciad Batal Passchendaele dha chuir air an 12mh den mhìos.

Chaidh an soitheach SS Main a chur fodha air 9mh Dàmhair 1917 le dusan de na bh' air bòrd a' call am beatha. Bha i mìle gu leth a-mach bhon Druim Mhòr ann an Siorrachd Wigton an uair a chaidh a bualadh le torpedo bhon bhàt-aigeil Gearmailteach U-75. Am measg an fheadhainn a chailleadh an latha sin bha Iain MacÌomhair, Iain a' Phunch à Borgh a Leòdhas. Seachdain roimhe sin bha a bhean Gormal air litir fhaighinn bhuaithe ag innse gun robh e an dòchas gur e fhèin an ath litir a gheibheadh i s' dùil aige thighinn dhachaigh air fòrladh às dèidh an turas a dh'Èirinn. Ghluais am bristeadh cridhe i gu bàrdachd a sgrìobhadh mar chuimhne air Iain 's gun iad ach ràithe pòsta. Cluinnidh sinn rannan dhen òran aice air a sheinn le Seonag Mhoireasdan.

Air an 12mh den Dàmhair 1917 chuireadh a' Chiad Bhatal aig Passchendale. Dh'fhailnich air na Co-chòmhragaich am baile a ghabhail agus chaidh na mìltean a mharbhadh, mòran à New Zealand le barrachd air am marbhadh no air an leòn sna beagan uairean sin seach latha sam bith eile ann an eachdraidh na dùthcha. Bha Gàidheil am measg a' chall cuideachd, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

16920171019

Na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion agus Mata Hari dha cuir gu bàs.

Air an 13mh den Dàmhair 1917, bha na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion - plana airson eileanan aig beul Camus Riga far cladach Estonia an Iar, aig an àm na phàirt de Phoblachd na Ruis, a ghabhail thairis. Lean sabaid mhòr agus muir 's air tìr agus mu dheireadh fhuair na Gearmailtich sealbh air Eilean Moon.

Aig briseadh an latha air an 15mh den Dàmhair chaidh an dannsair Gertrud Margarete Zelle, ainmeil mar Mata Hari, a chur gu bàs aig Vincennes air iomall Pharis, an dèidh dhith a bhith air a faighinn ciontach mar neach-brathaidh. Bha i ainmeil chionns gum biodh i a' dannsa air an àrd-ùrlair cha mhòr gun stiall aodaich oirre. Bha i dà fhichead 's a h-aon nuair a chaidh a cuir gu bàs 's chun an latha an-diugh chan eil e idir soilleir ciamar no cò dhà a bha i na neach-brathaidh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun cheangal a bh' aice ri Alba.

17020171026

Murchadh MacIllFhinnein ag innse mar a leònadh e an ionnsaigh air trainnse Gearmailteach.

An t-seachdain sa aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn na Faoghla agus e ag innse mar a chaidh losgadh air le cuimisear air an 25mh den Dàmhair 1917 's e an impis Mills Grenade a thilgeil do thrainnse nan Gearmailteach.
A thuilleadh air a sin cluinnidh sinn mu thuras tiamhaidh a rinn athair Thormoid MhicAonghais à Tung a Leòdhas a shealltain air san ospadal an Glaschu agus e air a leòn.

17120171102

Sgeulachd Choinnich MhicPhàil à Arnol a shàbhal on SS Cambric nuair a chaidh a cuir fodha.

Air an 30mh den Dàmhair 1917 bha an SS Cambric air a slighe eadar Tunis agus Breatainn le cargu gual. Mu mheadhan-oidhche chaidh a cur fodha le torpedo bho U-35. Bha Coinneach MacPhàil à Àrnol ann a Leòdhas na ghunnair air a' Chambric agus san oidhche dhubh-dhorch chaidh aige fhèin agus dòrlach dhaoine eile air leum dhan mhuir agus snàmh air falbh. Chaidh duine an dèidh duine dhiubh a bhàthadh ach chaidh aig MacPhàil air cumail a' dol. Cluinnidh sinn bho Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dha.

Air an aon là bha an t-sabaid dha-rìribh cruaidh aig Passchendaele. Ghlac na Canèidianaich na bh' air fhàgail de thalamh àrd agus ràinig iad iomall a' bhaile. Thòisich na Breatannaich ionnsaigh às ùr.