Seachdain Sa Chogadh - Seachdainean Sa Chogadh

Episodes

EpisodeFirst
Broadcast
Comments
5620171016

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

Air an 24mh dhen t-Sultain 1917 chaidh 15 a mharbhadh agus 70 neach eile a dhroch ghortachadh ann an ionnsaighean a rinn pleànaichean agus Zeppelins Gearmailteach air Lunnainn. Thàinig na pleànaichean a-steach taobh Khent agus Essex, ach cha d'fhuair ach aon no dhà tro na loidhichean dìon. Dh'fheuch soithichean-adhar ri thighinn tarsainn Siorrachd Iorc agus cladach Siorrachd Lincoln eadar meadhan oidhche agus trì uairean sa mhadainn, ach chaidh an tilleadh mus d'fhuair iad nas fhaide a-staigh air an dùthaich.

An ath là thàinig am batal airson Rathad Menin, pàirt dhen Treas Blàr aig Ypres, gu ceann gu soirbheachail le ionnsaigh Ghearmailteach eile air a tilleadh. Cha b' ann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh a ghleidheadh ge-tà le Eilean Liosmor a' call a' chiad shaighdear acasan sa chogadh, Dòmhnall Bochanan, aois seachd thar fhichead.

Agus mar a bha tric fìor sa Chogadh Mhòr, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, 's gann gun robh aon bhlàr air tighinn gu ceann an uair a bha fear eile a' tòiseachadh, leis na ciad bhuilean gan leagail ann am Batal Coille Polygon, ceithir mìle an ear air Ypres air an 26mh den mhìos.

Nochd airteagal beag inntinneach ann am pàipear an Òbain Disathairne 29mh den t-Sultain 1917 ag innse mu na bhathas a' cruinneachadh de dh'uighean airson an cur air adhart chu na saighdearan a bh' air an leò, agus , san aon iris dhen phàipear-naidheachd, bha rabhadh bho Choimiseanair Bìdh Taobh Siar na h-Alba, Gideon Murray, a bha draghail gum faodadh lùghadachadh ann am prìs an àrain soithichean Breatannach a chur ann an tuilleadh cunnart bho bhàtaichean-aigeil na Gearmailt. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig mar a chaidh dèiligeadh ris.

B' e Batal Broodseinde. am batal a bu shoirbheachaile san Treas Blàr aig Ypres, agus le taic bho Arm Astràlia 's New Zealand chaidh aig na Breatannaich air smachd a ghabhail air Druim Broodseinde air a' chiad latha. Ach a-rithist cha b'ann gun chall a bha e le faisg air 6,500 Astràlianaich, mu 900 bho New Zealand agus 300 Breatannach air an leòn no air a marbhadh. Bha na h-àireamhan aig na Gearmailtich cho àrd ri 10,000 agus chaill iad 5,000 prìosanach cuideachd. Chan eil e na iongnadh mar sin gun deach an 4mh den Dàmhair 1917 a chlàradh mar 'Latha Dubh' ann an eachdraidh cogaidh oifigeil na Gearmailt.

Chaidh an soitheach SS Main a chur fodha air 9mh den Dàmhair 1917 le dusan dena bh' air bòrd a' call am beatha. Bha i mìle gu leth a-mach bhon Druim Mhòr ann an Siorrachd Wigton an uair a chaidh a bualadh le torpedo bhon bhàt-aigeil Gearmailteach U-75. Am measg an fheadhainn a chailleadh an latha sin bha Iain MacÌomhair, Iain a' Phunch à Borgh a Leòdhas. Seachdain roimhe sin bha a bhean Gormal air litir fhaighinn bhuaithe ag innse gun robh e an dòchas gur e fhèin an ath litir a gheibheadh i s' dùil aige thighinn dhachaigh air fòrladh as dèidh an turas a dh'Èirinn. Ghluais am bristeadh cridhe i gu bàrdachd a sgrìobhadh mar chuimhne air Iain 's gun iad ach ràithe pòsta. Cluinnidh sinn rannan dhen òran aice air a sheinn le Seonag Mhoireasdan.

Air an 12mh den Dàmhair 1917 chuireadh a' Chiad Bhatal aig Passchendale. Dh'fhailnich air na Co-chòmhragaich am baile a ghabhail agus chaidh na mìltean a mharbhadh, mòran à New Zealand le barrachd air am marbhadh no air an leòn sna beagan uairean sin seach latha sam bith eile ann an eachdraidh na dùthcha. Bha Gàidheil am measg a' chall cuideachd, mar a chluinneas sinn.