Episodes

EpisodeTitleFirst
Broadcast
Comments
Mata Macomhair20171102

Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte.

Rugadh agus thogadh an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair ann an Port nan Gìuran san Rubha, ann an Leòdhas agus thairis air dreuchd air leth soirbheachail ann am foghlam, bha e na Cheannard air Acadamaidh na Cananaich agus air Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann. Bha e cuideachd na Àrd-Oifigear air Comhairle Choitcheann Luchd-teagasg na h-Alba.

Thar nam bliadhnaichean tha e air a bhith an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Bha e na Chathraiche air Comhairle nan Sgoiltean Àraich, Comataidh Craolaidh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Buidheann-Obrach Nàiseanta air gainnead luchd-teagasg anns a' Ghàidhlig. Chaidh ainmeachadh ann an 2013 mar bhall neo-eisimeileach na Rìoghachd Aonaichte air Comataidh Shàr-Eòlaichean Chairt Eòrpach nan Mion-Chànanan.

Anns an dàrna prògram dhen t-sreath, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhicheil do Mhata. Cluinnidh sinn cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear, dè na nithean air a bheil e a' cur luach sònraichte agus mu aon sgil a mhiannaicheadh e ionnsachadh.

0120171026

Iain Mac'illeMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte.

Anns an t-sreath ùr seo tha cothrom againn èolas a bharrachd, eòlas nas pearsanta 's dòcha, a chur air Gàidheil a tha aithnichte do luchd èisteachd Radio nan Gàidheil nan obair làitheil.

'S ann à Bòrnais ann an Uibhist a Deas a tha Donalda NicComb, agus tha i an-diugh aithnichte air sgàth 's a cuid saothair às leth foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba. Tha i na Ceannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu far a bheilear a' teagasg òigridh bho aois trì gu ochd-deug. Tha Sgoil-àraich, Bun-sgoil agus Àrd-sgoil ri fhaighinn an sin anns an aon thogalach.

Anns a' phrògram seo, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain Mac'illeMhìcheil dha Donalda. Gheibh sinn a-mach dè na rudan a chuireadh iongnadh air daoine mu dèidhinn, dè an gnìomh a bu treasa a rinn i riamh agus saoil cò an ceathrar a chòrdadh e rithe fhiathachadh gu dinnear agus carson?