Episodes

EpisodeTitleFirst
Broadcast
Comments
04Eilidh Nicdhonnchaidh20171002

Tha Calum McConnell a' bruidhinn ri Eilidh NicDhonnchaidh mu theagasg.

Sa phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha Calum McConnell a' coinneachadh ri tè òg às an Eilean Sgitheanach a bhios a' teagasg ann an iomadach dòigh. Tha Eilidh NicDhonnchaidh na neach-trèanaidh lagha ann an Dùn Èideann, is bidh i a' teagasg gu prìobhaideach agus air na cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig san ùine aice fhèin.

Tha Eilidh ag innse do Chalum carson a tha i fhathast a' teagasg ged a tha a beatha cho trang sna làithean sa. Cuideachd, tha i a' coinneachadh ris an tidsear a thug buaidh oirre fhèin, Murdina Stiùibhart, airson còmhradh mu làithean na sgoile agus mar a tha an dithis aca a' teagasg chùrsaichean goirid a-nise.

Cuideachd, tha Calum a' coinneachadh ri seann thidsear eile a bh' aig Eilidh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, Eoghan Stiùibhart. Bha Eoghan ga cuideachadh nuair a shoirbhich Eilidh agus a caraid Anna aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ann an 2009.